You are viewing the StAnza Poetry Festival 2005-2014 archive
For the current festival site, go to www.stanzapoetry.org

StAnza International Poetry Festival
 

Events: StAnza 2011

StAnza celebrated its 14th annual festival in 2011 with the themes: Timepiece and Poets’ Ark. The former engaged with the history of nations and communities, as well as with individual histories arising through ancestry and significant moments in poetry’s timeline. Our second theme set loose about St Andrews a whole zoo of animal poems and images as we brought to StAnza’s safe harbour poets from Australia, Germany, Italy, Belgium, Iraq, Iran, China the USA and Georgia, together with poets from across Scotland and the British Isles.

Headline poets included Selima Hill, Marilyn Hacker, Paul Farley and Fiona Sampson, all new to StAnza: the legendary Bob Holman taught us how to slam New York style and we discovered experimental polypoetry from Ghent while the ever popular Julia Donaldson headed up the children’s programme. Plus to mark the centenary of the great Scottish Gaelic poet, Somhairle MacGill-Eain (Sorley MacLean), we celebrated Gaelic past and present with our first ever Gaelic Poet in Residence, Maoilios Caimbeul, and a range of special events including as one of 2011’s highlights, a concert in partnership with the Scottish Chamber Orchestra featuring new settings for some of Sorley MacLean’s poems.

In the programme, festival-goers found a new early-evening Open Mic slot and a Masterclass from Ciaran Carson, along with a plethora of workshops, exhibitions, talks and cross-media performances as we ensured that StAnza 2011 broadened and expanded our celebration of the diversity and relevance of poetry. And in the year of Scotland: Land of Food and Drink, to complement what’s always on the StAnza menu – poetry, music, visual art, drama and comedy, etc –  we offered Poetry Café events starting with Poetry Breakfast and lasting until nearly midnight.

Fàilte oirbh gu StAnza, an ceathramh fèis dheug bhliadhnail agus gu ar cuspairean airson 2011, Clàr-tìme agus Àirc nam Bàrd.

Tha a’ chiad fhear a’ dèiligeadh ri eachdraidh dhùthchannan agus choimhearsnachdan, cho math ri eachdraidh an duine fa leth a tha ag èirigh bho shinnsearachd no amannan sònraichte ann an ruith thìmeil na bàrdachd. Leigidh an dara cuspair againn mòr-threud de dhàin is ìomhaighean bheathaichean mu sgaoil ann an Cill Rìmhinn agus sinn a’ toirt gu cala rèidh StAnza bàird às Astràilia, A’ Ghearmailt, An Eadailt, A’ Bheilg, Iraq, Iran, Sìona, Na Stàitean Aonaichte agus Seòirsia, còmhla ri bàird bho air feadh Alba agus Bhreatainn.

Ùr do StAnza agus am measg a’ chiad shreath tha Selima Hill, Marilyn Hacker, Paul Farley agus Fiona Sampson: seallaidh am bàrd iomraiteach Bob Holman dhuinn mar a nì iad slam ann an New York agus gheibh sinn lorg air ioma-bhàrdachd ùr-nodha à Ghent agus bidh Julia Donaldson, air a bheil an-còmhnaidh fèill mhòr, aig ceann prògram na cloinne. Cuideachd, airson cuimhne a chumail air ceud bliadhna o rugadh am bàrd mòr Gàidhlig Albannach Somhairle MacGill-Eain, bidh sinn a’ comharrachadh Gàidhlig an-dè is an-diugh leis a’ chiad Bhàrd air Mhuinntireas a tha air a bhith againn riamh, Maoilios Caimbeul, agus le sreath de thachartasan sònraichte, nam measg, mar aon de sheudan na bliadhna seo, consairt ann an co-bhoinn ri Orcastra Seòmar na h-Alba le seataidhean ciùil do chuid de dhàin Shomhairle MhicGill-Eain.

Gheibh sibh cuideachd anns a’ phrògram, tràth san fheasgar, cothrom air Open Mic agus Clas-Maighstir le Ciaran Carson, cuide ri pailteas de bhùthan-obrach, taisbeanaidhean, òraidean agus gnìomhan tar-mheadhanach agus sinn a’ dèanamh cinnteach gum bi StAnza 2011 a’ leudachadh agus a’ toirt farsaingeachd dhan ghàirdeachas a tha sinn a’ dèanamh ri cho iomadach agus cudromach agus a tha bàrdachd. Agus am-bliadhna, bliadhna Alba: Dùthaich a’ Bhìdh agus Dibhe, airson a dhol còmhla ri na rudan a bhios daonnan air clàr StAnza – bàrdachd, ceòl, ealain lèirsinneach agus comadaidh, agus msaa – bidh tachartasan Cafaidh Bàrdachd againn a’ tòiseachadh le Bracaist le Bàrdachd agus a’ dol gu faisg air meadhan-oidhche. Co-dhiù an e seo a’ chiad turas agad aig StAnza no an ceathramh turas deug, cuiridh sinn fàilte bhlàth oirbh, agus tha mi gu mòr a’ dèanamh fiughair ri ur faicinn ann an Cill Rìmhinn sa Mhàrt.

(Air eadar-theangachadh le Maoilios Caimbeul / Translated by Myles Campbell)

Read more / Leugh tuilleadh

Eleanor Livingstone, Director

View all events from StAnza 2011

All images are copyright © StAnza or individual named photographers. Please do not use without permission.